Fear a bha a dhìth air a lorg

Ridseard Finnis Image copyright Police Scotland

Chaidh fireannach às a' Ghàidhealtachd a bha a dhìth còrr is seachdain a lorg slàn sàbhailte.

Fhuair sgioba chon nam Poileas lorg air Ridseard Finnis, 30, Didòmhnaich.

Chunnacas Mgr Finnis mu dheireadh ann an sgìre Slighe Chinn a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis Disathairne an 16mh den Ghearran.

Bha na Poilis air iarraidh air daoine gun a dhol faisg air.

Chaidh càr Mhgr Finnis a lorg ann an Gleann Aifric Diluain an 18mh den Ghearran, is bha iomairt mhòr gus lorg fhaighinn air stèidhichte timcheall air Canaich.