Rannsachadh na Cùil gus tòiseachadh

A' Chùil Image copyright Coul Links

Tòisichidh rannsachadh poblach Dimàirt mu phlanaichean airson raon-goilf aig àrd-ìre a thogail air a' Ghàidhealtachd.

'S iad na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser a th' air an leasachadh a chur air adhart aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan leasachadh an-uiridh.

Tha buidhnean glèidhteachais fhathast a' cur an aghaidh nam planaichean ge-tà, is tha sin a' fàgail gum feum rannsachadh poblach a bhith ann.

Dìon

Tha dragh orra gu sònraichte mun bhuaidh air talamh machrach is air na beathaichean a tha a' tighinn beò san àite.

Tha inbhe SSSI, SPA, agus Ramsar air an sgìre a thaobh na h-àrainneachd.

Thuirt Àrd-Stiùiriche Urras Fiadh-bheatha na h-Alba, Jonny Hughes, gur e seo cha mhòr dìon cho àrd 's a th' ann san Rìoghachd.

Dh'innis e gur e àrainneachd phrìseil a th' ann is gu bheil iomagain orra gun dèanadh an leasachadh call mòr.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
An aithris againn nuair a thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan leasachadh ann an 2018.

Thuirt Mgr Hughes cuideachd gur e teachdaireachd cunnartach a bhiodh ann a thaobh àiteachan eile ma 's e is gun tèid leasachadh air adhart ann an sgìre a th' air a dìon mar a tha a' Chùil.

A rèir chuid san sgìre fhèin ge-tà, bu chòir dhan leasachadh a dhol air adhart.

Thuirt Probhaist Dhòrnaich, Yvonne Ros, a tha cuideachd na cathraiche air comhairle coimhearsnachd na sgìre, gun dèanadh raon-goilf aig àrd-ìre feum mòr.

Thuirt i gun tèid obraichean a chruthachadh is gun tig daoine nan dròbhan gus an raon-goilf a chluich.

Co-dhùnadh

Dh'innis i gur e àite breagha a tha anns a' Chùil is gun cuireadh an leasachadh ris a' bhòidhchead a th' ann.

Bidh an rannsachadh poblach ann an Talla Charnegie sa Chlais Mhòir faisg air Dòrnach.

Tha dùil gum mair e co-dhiù ceithir seachdainean.

Bidh an co-dhùnadh deireannach aig Riaghaltas na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo