Rabhadh tràth mun ghartan

Gartan

Tha rabhadh ga thoirt do dhaoine a bhios a' coiseachd air an tuath gu bheil gartain air dùsgadh nas tràithe na 's àbhaist ri linn na h-aimsire blàithe.

Tha a' bhuidheann Mountaineering Scotland ag ràdh gun deach na creutairean, a bhios a' deoghal fala, a lorg ann an grunn sgìrean air feadh Alba mar thà am-bliadhna.

Faodar galairean leithid Lyme fhaighinn tron bhìteadh aca.

Chan àbhaist dhan ghartan a bhith a' dùsgadh ron Mhàrt.