Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chaidh rabhadh do Theresa May gum faodadh na dusanan de Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach as àbhaist a bhith dìleas dhi bhòtadh na h-aghaidh mar dhòigh air Brexit gun aonta a sheachnadh. Tha a' bhuidheann anns a bheil an dà chuid feadhainn a tha an aghaidh Bhrexit agus air a shon, ag ràdh gun iarr iad slighe eile mura faigh aonta ùr air a bheil am Prìomhaire ag obair an-dràsta taic a' mhòr-chuid anns na Cumantan.

Dh'fhàg Ball-Pàrlamaid eile am Pàrtaidh Làbarach an-diugh. Thuirt Ian Austin aig a bheil Roinn Pàrlamaid Dudley a Tuath, nach eil dad de dhùil aigesan a dhol còmhla ris a' bhuidheann ùr neo-eisimeileach anns na Cumantan.

Alesha NicPhàil

Tha coltas gum faodar an deugaire a mhuirt an nighean bheag Alesha NicPhàil ainmeachadh gu poblach an-diugh an dèidh do bhuidhnean naidheachd sin iarraidh air a' bhritheamh anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu. Chaidh an gille, a tha 16 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ciontach an-dè fo chasaid gun do dh'èignich e agus gun do mhuirt e Alesha, a bha 6, ann an Eilean Bhòid anns an Iuchar an-uiridh. Cuiridh am Britheamh binn air an deugaire air an ath-mhìos.

Shamima Begum

Dhearbh teaghlach Shamima Begum, an deugaire Breatannach a chaidh gu IS ann an Siria gu bheil iad a' feuchainn ris an leanabh aicese a thoirt dhan Rìoghachd Aonaichte. Rugadh an gille beag ann an campa fhògarrach ann an Siria air an deireadh-sheachdain. Sgrìobh piuthair Shamima gu Rùnaire na Dùthcha, Sajid Javid, ag iarraidh a thaic-san, agus a' gearain mun cho-dhùnadh a saoranachd Bhreatannach a thoirt bhuaipe.

Na Lib-Deamaich

Tha co-labhairt Libearalach Deamocratach na h-Alba a' tòiseachadh ann an Hamaltan. 'S i Leas-Cheannard a' phàrtaidh an Alba, Jo Swinson, a tha a' toirt seachad na prìomh òraid an-diugh. Tha dùil gun can ise gum biodh neo-eisimeileachd do dh'Alba nas cunnartaiche na Brexit.

Bàtaichean-Aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba bàtaichean aiseig ùra òrdachadh bho ghàraidhean ann am Bhietnam. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na h-uimhir de bhàtaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn còrr is 30 bliadhna de dh'aois, agus gu bheil feum air ceithir ùra ann an cabhaig. Tha iad ag ràdh gu bheil Anndra Banks, a tha a' ruith aiseagan a' Chaoil Arcaich, air bàt-aiseig ùr a thogail ann am Bhietnam an-dràsta mòran nas saoire na bhiodh an Alba.

Turasachd Sgitheanach

Chaidh iarraidh air luchd-turais, muinntir an àite 's luchd-gnothaich beachd a chur ri sgrùdadh farsainn air buaidh turasachd air an Eilean Sgitheanach. Tha dòchas ann gun seall an sgrùdadh dè tha turasachd a' cur ris an eaconomaidh, dè na dùthchannan às a bheil luchd-turais a' tighinn agus dè tha gan tarraing dhan eilean. Thèid am fiosrachadh a chleachdadh airson straiteididh a dhealbh, agus thèid sin fhoillseachadh gu poblach tràth an ath-bhliadhna.