Aiseagan à Bhietnam?

MV Finlaggan
Image caption Sheall sgrùdadh a rinn Comhairle nan Eilean Siar gun gabhadh bàta coltach ris an MV Finlaggan togail taobh a-staigh 18 mìosan.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba bàtaichean-aiseig ùra òrdachadh bho ghàraidhean ann am Bhietnam.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na h-uimhir de bhàtaichean Chal Mac còrr 's deich deich bliadhna fichead de dh'aois agus gu bheil feum air ceithir ùra ann an cabhag.

Tha iad ag ràdh gu bheil Anndra Banks, a tha a' ruith aiseagan a' Chaoil Arcaich, air bàta-aiseig ùr a thogail ann am Bhietnam mòran nas saoire na bhiodh ann an Alba.

"An dragh a th' oirnne, 's e gu bheil sinn mar thà, faodaidh tu a ràdh, dà bhliadhna air dheireadh air far a bheil còir againn a bhith," thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

Cabhag

"An sgrùdadh a chaidh a dhèanamh bho chionn bhliadhnaichean, bha e a' sealltainn gum feumte dà aiseag ùr a bhith a' seòladh an-uiridh 's chan eil sin a' tachairt.

"Agus bha an treas aiseag a' dol ga togail airson Ìle.

"Tha a h-uile dad a tha sin air tuiteam grunn bhliadhnaichean air dheireadh.

"An rud a tha sinne ag ràdh, gum feumte cabhag a dhèanamh a thaobh co-dhiù co-dhiù trì no ceithir de dh'aiseagan ùra a thogail.

"Tha dòighean ann airson sin a dhèanamh agus tha am beagan rannsachaidh a rinn sinn fhèin air sealltainn gun gabhadh aiseag coltach ris an Finlaggan mar eisimpleir a thogail ann am bliadhna gu leth.

"Bha sinne ag ràdh, mura gabh iad togail ann an gàradh anns an rìoghachd seo fhèin, gu bheil còir againn coimhead ri an togail san Roinn Eòrpa, no àiteachan mar a tha Banks ga togail ann am Bhietnam fhèin.

Maoineachadh

"Dh'fhaodadh sin 's dòcha toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh orra thall, agus an toirt a-nall a dh'Albainn fhèin airson crìoch a chur orra.

"Ach chan eil teagamh ann nach gabhadh rudeigin dèanamh ann an 18 mìosan.

"Chan eil sinne a' faicinn gluasaid sam bith aig an ìre seo airson cabhag a dhèanamh air rud sam bith, agus 's e na h-eileanan seo a tha a' fulang air sgàth sin," thuirt e.

Thuirt neach-labhairt bho Chòmhdhail Alba gu bheil iad fhathast a' cur maoineachaidh mu choinneimh bhàtaichean-aiseig ùra agus lìonra nan aiseagan.

Ged is e briseadh dùil a th' anns an dàil le dà shoitheach ùr, thuirt an neach-labhairt gun cuidich iad leis an àrdachadh a th' air tighinn air an àireimh de luchd-siubhail aon uair 's gu bheil iad ann an seirbheis.