Iomairt an aghaidh ionnsaighean chon

Caoraich

Tha am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, a' cur taic ri bile ùr a tha a' moladh pheanasan nas cruaidhe airson ionnsaighean chon air caoraich agus stoc eile.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach (NFU) ag ràdh gun deach an àireamh de dh'aithrisean mu ionnsaighean chon an-àirde gu mòr san dà bhliadhna a dh'fhalbh.

A rèir fhigearan bho Oifis a' Chrùin, tha an àireamh de dh'eucoirean le coin a tha a' dèanamh cron air beathaichean air a dhol suas barrachd air 40% san deich bliadhna a dh'fhalbh.

Chuir am BPA Emma Harper iomairt air bhonn airson peanasan nas làidire a thoirt seachad airson coin a bhith a' toirt ionnsaigh air beathaichean, agus gum bu chòir barrachd uallaich a bhith air daoine airson an cuid chon.

Bidh co-chomhairle phoblach fosgailte airson dusan seachdainean gus cothrom a thoirt do chroitearan is tuathanaich innse mun bhuaidh a th' air a bhith aig ionnsaighean air na beathaichean aca.

Thuirt an NFU gu bheil iad a' cur taic ris an iomairt, agus iad ag ràdh gum feum daoine aire a thoirt dhan droch bhuaidh a tha na h-ionnsaighean a' toirt air na beathaichean, ach cuideachd a' chosgais a th' ann do thuathanaich is croitearan.