Còmhraidhean gan sireadh le HIAL

Caoraich aig Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha croitearan ann an Leòdhas a fhuair cead an cuid chaorach a chur air talamh aig Port-Adhair Steòrnabhaigh a' sireadh chòmhraidhean le HIAL - a tha ga ruith - airson dèanamh cinnteach nach bi buaidh air seirbheisean adhair.

Dhearbh Cùirt an Fhearrainn gun robh còraichean ionaltraidh aig croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe air talamh ri taobh an raoin-laighe.

Sin an dèidh mar a bha HIAL, a bha den bheachd gur ann leothasan a bha am fearann, ag iarraidh a reic ri companaidh leasachaidh.

Dhearbh a' Chùirt ge-tà, gun robh an talamh fathast fo reachdas croitearachd.

Chuir na croitearan an cuid stuic air an talamh airson a' chiad uair ann an iomadach bliadhna Diardaoin.

Thuirt iad nach d' fhuair iad freagairt bho chompanaidh nam port-adhair fhathast, ach thuirt HIAL gun robh iad a' beachdachadh air na diofar roghainnean a tha romhpa.