Rannsachadh mu thurasachd an Eilein Sgitheanaich

An t-Eilean Sgitheanach Image copyright Getty Images
Image caption Bidh corr air 500,000 neach-turais a' tadhal air an Eilean Sgitheanach gach bliadhna.

Tha ìmpidh ga chur air luchd-tadhail, luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan freagairtean a thilleadh gu rannsachadh mun bhuaidh eacanomaich aig turasachd san Eilean Sgitheanach.

Tha dòchas ann gun cuidich e le plana a dhealbh dhan sgìre airson turasachd a leasachadh.

Bidh còrr air 500,000 neach-turais a' tadhal air an Eilean Sgitheanach gach bliadhna gu àitichean leithid Ghlumagan nan Sìthichean agus Bodach an Stòirr.

Ach tha eòlaichean bho ionad-siubhail agus turasachd Oilthigh Chaileannach Ghlaschu gus coimhead air a' bhuaidh a tha barrachd luchd-tadhail a' toirt air an eilean, na tha de dhaoine a' faighinnn cosnaidh le turasachd san Eilean Sgitheanach, agus a' bhuaidh air an eaconomaidh san fharsainneachd.

Cuiridh sin ri plana airson turasachd a leasachadh dhan àite 'son an deich bliadhna ri thighinn agus thèid sin a thoirt am follais tràth an ath-bhliadhna.