climate_scotland_online_2102
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Atharrachadh na sìde: Radaigeach

21 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cothrom aig Alba eisimpleir a thoirt dhan t-saoghal nuair a thig e gu bhith dèiligeadh ri atharrachadh na sìde.

Sin a-rèir Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, agus i a' bruidhinn mu bhile ùr atharrachadh na sìde, a tha a' dol tro Holyrood an-dràsta.

Ach tha buidhnean àrainneachd agus am Pàrtaidh Uaineach ag ràdh nach eil am bile a' dol fada gu leòr - agus ag iarraidh air an riaghltas ceumannan nas radaigiche a ghabhail.

Tha an aithris seo aig Ruairidh MacIomhair.