hialfaing_online_2102
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Caoraich a' phuirt-adhair

21 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha sealladh annasach aig Port-Adhair Steòrnabhaigh feasgar an-diugh, is croiterean Mhealaboist is Bràigh na h-Aoidhe a' cur chaorach air an talamh ionaltraidh aca.

Tha bliadhnaichean mòra on a bha cead aca seo a dhèanamh, ach dhearbh Cùirt an Fhearainn gun robh na còraichean ionaltraidh aca a' seasamh.

Tha iad a-niste ag iarraidh còmhradh a dhèanamh le HIAL mu dheidhinn an ath-cheum.

Tha iad a ag ràdh, mura bruidhinn HIAL riutha, gum faodhadh e buaidh a thoirt air obair làitheil a' Phuirt-Adhair. Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach.