Àrdachadh de 4.79% air cìs chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Suaidheantas Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Dh'aontaich Comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid àrdachadh de 4.79% a thoirt air a' chìs chomhairle Diardaoin.

A' deasbad a' bhuidseit aca son na bliadhna ionmhais ri thighinn, dh'aontaich iad nach tèid cosgaisean-parcaidh a chur suas am bliadhna co-dhiù.

Cuideachd, chaidh fhoillseachadh gun tèid £120,000 a chur mu choinneamh na h-iomairt gus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a thoirt dhan Òban an ceann ceithir bliadhna eile.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aileen Morton, gun do chur iad dìon air na seirbhisean a tha deatamach, agus gun do dh'èist iad ri beachdan mhuinntir an àite.