Gealltanas às ùr mu Ospadal Bharraigh

Ospadal Bharraigh
Image caption Tha buidheann cùraim agus slàinte na sgìre a' beachdachadh fhathast air am bu chòir an t-ospadal ùr agus ionad coimhearsnachd a bhith fà-leth neo còmhla.

Gheall Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, a-rithist Diciadain gum bi ospadal ùr ann am Barraigh ro 2021.

Bha i a' freagairt ceist aig Holyrood bho BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Tha obair ga dèanamh an-dràsta eadar Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, a' Chomhairle, agus Buidheann Cùram is Slàinte - a tha a' toirt na Comhairle agus Bòrd na Slàinte còmhla - airson plana gnìomhachais deireannach a stèidheachadh.

Chaidh gabhail ri dreach dheth sin sa Ghiblean an-uiridh, agus thathas fhathast a' coimhead ri am bu chòir hub coimhearsnachd agus ospadal ùr a bhith còmhla, no ann an dà thogalach fà leth.