Binn phrìosain 'son drogaichean a reic an Inbhir Nis

Bailey Mac an Tàilleir Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Bailey Mac an Tàilleir a thoirt gu aire Phoileas Alba an toiseach fhad 's a bha Aonad Sgrùdaidh nan Coimhearsnachdan a' dèanamh rannsachaidh air droch ionnsaighean ann am meadhan na h-Alba.

Chaidh binn trì bliadhna gu leth a chur air fireannach, a bha na bhall de ghràisg eucorra agus a reic drogaichean clas 'A' ann an sgìre Inbhir Nis.

Thugadh a' bhinn air Bailey Mac an Tàilleir anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diardaoin, às dèidh do Phoileas Alba rannsachadh a dhèanamh air ionnsaighean a rinneadh leis a' bhuidhinn eucorra ann am meadhan na h-Alba.

Bha am fireannach, 21, air aideachadh gun robh e cionntach air casaidean gun robh e an sàs ann an reic dhrogaichean ann an Inbhir Nis eadar an Gearran agus an Cèitean an-uiridh.

Thàinig Bailey Mac an Tàilleir gu aire Phoileas Alba an toiseach fhad 's a bha Aonad Sgrùdaidh nan Coimhearsnachdadh a' dèanamh rannsachaidh air droch ionnsaighean ann am meadhan na h-Alba, 's amharas orra gur e buidheann eucorra a bha rin coireachadh.

Sgrùdadh Mionaideach

Thàinig e am follais gun robh Mac an Tàilleir aig cridhe na buidhne - a bha an sàs ann a bhith a' reic dhrogaichean ann an sgìre Inbhir Nis.

Mar thoradh air an rannsachadh, dhearbh na Poilis gun robh Mac an Tàilleir air cocaine luach £300,000 a thoirt a-steach do sgìre Inbhir Nis thairis air trì mìosan aig toiseach na bliadhna an-uiridh,

Thuirt an Detective Inspector Peadar MacCoinnich gu bheil iomairtean mar seo a' dearbhadh gun dèan iad an dìcheall gus eucoirich a tha an sàs ann an rèic dhrogaichean a thoirt gu lagh.

Mhìnich e gun deach a' phrosbaig a chur air Mac an Tàilleir mar thoradh air rannsachadh eile agus gur e obair mhionaideach a thug a' chùis seo dhan chùirt.