Cìs-comhairle sna h-eileanan a' dol an-àirde 4.7%

Comhairle nan Eilean siar
Image caption Dh'aontaich comhairlichean ris an àrdachadh Diciadain, an ìre as àirde a bha ceadaichte dhaibh.

Thèid a'chìs-chomhairle sna h-Eileanan Siar an-àirde 4.7%.

Dh'aontaich comhairlichean ris an àrdachadh Diciadain, an ìre as àirde a bha ceadaichte dhaibh.

Bidh a-nis a' mhòr-chuid anns na h-Eileanan a' pàigheadh eadar 60 sgillinn agus not a bharrachd san t-seachdain.

Dh'fhaillich air buidheann an SNP an t-àrdachadh a chumail aig 1.8% agus airgead a bharrachd a thoirt à stòras an ùghdarrais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo