Caley sa Chupa 's County a' call

Fhuair Nathan Austin air am ball a chur dhan lion, a fàgail 5-4 gu Caley Image copyright SNS
Image caption Fhuair Nathan Austin air am ball a chur dhan lìon, a fàgail 5-4 gu Caley

Cluichidh Caley Thistle Inbhir Nis Dùn Dè Aonaichte anns na cairteal-chuairtean deireannach de Chupa na h-Alba.

An dèidh geama èibheisich aig Pàirce Chaley oidhche Mhàirt, chrìochnaich iad co-ionnan 2-2 aig deireadh a' gheama.

Ach bhuannaich Caley Thistle an uairsin air breaban peanais airson a dhol troimhe dhan chairteal-chuairt dheireannaich.

Bha an geama farpaiseach - a-null 's a-nall.

Tadhail am pailteas

Chaidh County air thoiseach nuair a fhuair Ross Stiùbhairt air a' bhall a chur dhan lìon le cheann.

Anns an dàrna leth, thug ceann Jordan MacIlleBhàin Caley Thistle air ais co-ionnan.

Chaidh County an uairsin air ais air thoiseach 2-1, tro Mhìcheal Gardyne.

Ach cha robh Caley Thistle deiseil.

Le ball bho Liam Polworth, bha Jordan MacIlleBhàin air ais le tadhal eile.

2-2 aig deireadh a' gheama ma-tha.

Breaban peanais

Bha ann uairsin leth-uair de thìde de dh'ùine a bharrachd ann.

Cha d' fhuair duine seach duine tadhal an sin, 's chaidh e gu breaban peanais.

Chuir an dà sgioba a' chiad dà bhreab pheanais aca.

Ach an uairsin shàbhail fear-glèidhidh Chaley Thistle, Mark Rodgers, a' bhreab aig fear Declan MacManus.

Image copyright SNS
Image caption B' e McManus an aon fhear nach d' fhuair air am ball a chur dhan lìon

Aig 4-4 air breaban peanais, bha cothrom aig Nathan Austin sgioba Inbhir Nis a chur troimhe dhan ath-chuairt.

Image copyright SNS
Image caption Cluicheadairean Chaley a' dèanamh gàirdeachais

Bha luchd-leantainn Chaley a' dèanamh mòr-ghàireachais oidhche Mhàirt. Bha Derek MacIlleathain nam measg.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bha Derek MacIlleathain am measg na bha a' dèanamh mòr-ghàirdeachais oidhche Mhàirt.

Cluichidh Caley Thistle Dùn Dè Aonaichte air falbh bhon taigh anns a' chairteal-chuairt dheireannaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo