Seachd làraichean haidro gam moladh an Gleann Èite

Beinn Starbh Image copyright Thinkstock

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Diciadain air plana chonnspaideach airson grunn sgeamaichean haidro ann an Gleann Èite.

Tha oifigich dealbhachaidh a' moladh gun toireadh iad cead dha na seachd pròiseactan ged a tha draghan air cuid mun deidhinn.

Tha Gleann Èite nas aithnichte 's dòcha airson nan seallaidhean a chithear san fhiolm aig Seumas Bond, Skyefall.

Thèid iarraidh air buill Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt seachad dhan leasachadh aig a' chompanaidh, Dickens Hydro, a tha stèidhichte ann an Lunnainn.

Chaidh na planaichean a bh' aca an toiseach a lùghdachadh airson agus nach bi uimhir de bhuaidh aca air an àrainneachd neo air bòidhchead an àite.

Ach tha draghan air cuid fhathast, gu h-àraid Comhairle Streapadaireachd na h-Alba a tha ag ràdh gum mill na rathaidean suas gu gach sgeama na monaidhean.

Nam beachd-san, tha an sgeama nas fhreagarraiche dhan bhaile mhòr, seach gleann Gàidhealach eireachdail.

Tha oifigich na Comhairle a' moladh gum faigh na seachd sgeamaichean, a tha fa leth ach ceangailte, cead.