Ionad TalkTalk do dh'obraichean ChalMac?

Ionad TalkTalk
Image caption Caillidh faisg air 60 neach a tha ag obair leis a' chompanaidh chonaltraidh an cuid chosnaidhean as t-Samhradh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi iad deònach beachdachadh air an gabh cuid de dh'obraichean ChalMac a ghluasad gu ionad TalkTalk ann an Steòrnabhagh.

Caillidh faisg air 60 neach a tha ag obair leis a' chompanaidh chonaltraidh an cuid chosnaidhean as t-Samhradh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' strì airson 's gum bi barrachd dhreuchdan ChalMac stèidhichte sna h-eileanan.

Thuirt Leas-Phriomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, gun deach bruidhinn air moladh obraichean na companaidh aiseig a ghluasad gu ionad TalkTalk nuair a choinnich e leis an luchd-obrach an sin.

"Thug an luchd-obrach iomradh air sin agus gu follaiseach 's e rud a th' ann a dh'fheumas beachdachadh air", thuirt Mgr Swinney.

"Feumaidh sinn coimhead air dè na cothroman a th' ann airson obraichean maireannach a chruthachadh anns na h-eileanan.

"Sin am fòcas a tha aig cridhe na h-obrach a tha an Riaghaltas a' dèanamh gus an eaconomaidh a leasachadh anns na h-Eileanan an Iar.

"Agus tha e cudromach gum bi còmhradh fosgailte againn mu na dòighean as fhèarr airson sin a thoirt air adhart gus taic a thoirt do dh'obraichean anns na h-eileanan", thuirt e.

Strì

Tha cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robastan, air a bhith a' strì bho chionn fhada airson dreuchdan aig na companaidhean còmhdhail poblach a ghluasad dha na h-eileanan agus chuir esan fàilte air seo.

"Tha sinn air beagan gluasaid fhaighinn bho Chaledonian Mac a' Bhriuthain fhèin ach chan eil iad ach gu math slaodach timcheall air.

"Chan e a-mhàin Caledonian Mac a' Bhriuthain, ach tha sinn a' coimhead airson CMAL agus HIAL cuideachd, agus tha coinneamh againn madainn Dihaoine le HIAL.

"Ach tha e math a chluinntinn gu bheil Iain Swinney air sin a ràdh, agus tha mi an dòchas gum bi e a' putadh an àrd-oifigeir aig Caledonian Mac a' Bhriuthain agus am bòrd rudeigin a dhèanamh timcheall air seo - 's fhada bhon a bha còir aige tachairt", thuirt e.