Kitty Ann NicCuithein, Eilean nan Ròn, 1918-2019

Kitty Ann NicCuithein

Chaochail an tè mu dheireadh de mhuinntir Eilean nan Ròn, ann an Dùthaich MhicAoidh, aig aois 100.

B' e teaghlach Kitty Ann NicCuithein (NicAoidh mar a bh' oirre an uair sin) an teaghlach mu dheireadh a dh'fhàg an t-eilean ann an 1938.

Bhàsaich i Dimàirt aig a dachaigh ann an Norwich, ann an Norfolk an Sasainn, far an robh i air a bhith a' fuireach o chionn iomadach bliadhna.

Bha i air a bhith tinn greis.

O chionn 11 bhliadhna, thill i chun an eilein ann an heileacoptair airson prògram telebhisein a dhèanamh - a' chiad turas a bha ise riamh ann an heileacoptair, agus a' chiad turas a bha heileacoptair riamh anns an eilean. B' e cuideachd an turas mu dheireadh aice chun an eilein.

Leis cho doirbh 's a tha e tighinn air tìr ann am bàta ann, agus staidhre cas ri dhìreadh bhon laimrig, cha robh dòigh eile seach heileacoptair air a faighinn ann.

Fuadachd

B' e a' Ghàidhlig Chaoidheach a bh' aig muinntir Eilein nan Ròn - daoine de shliochd an fheadhainn a chaidh fhuadachadh a-mach às na srathan san 19mh Linn.

Chùm Kitty a' Ghàidhlig aice suas ann an Norfolk, le bhith a' leughadh Bìobaill a seanar a h-uile là.

'S e tidsear sgoile a bh' innte, agus i air an tidsear mu dheireadh a bh' ann an Eilean nan Ròn, 's i a' teagasg a dithis bhràithrean.

"Bha faireachdainnean measgaichte againn - bha sinn brònach, ach bha fhios againn gum feumadh sinn an t-eilean fhàgail," thuirt i.

"Bha an sluagh a' crìonadh, 's bha na daoine a' dol an aois, agus mar sin cha b' e co-dhùnadh obann a bh' ann. Bhathas a' smaointinn mu dheidhinn ùine mhòr."

Beatha ùr

Chaidh £100 a thoirt do gach teaghlach a dh'fhàg an t-eilean ann an 1938 le Bàn-Diùc Chataibh mar airgead-dìolaidh gus cuideachadh a thoirt dhaibh ann a bhith a' dèanamh beatha ùir.

"Dh'fhàg iad ann an December. Tha cuimhne agam iad ag ràdh gun robh iad glè dhuilich a' coimhead air ais air an eilean gun solas," thuirt i.

"Thuirt eadhon na daoine air Tìr-Mòr nach fhaca iad riamh an t-eilean gun solas air an oidhche.

"Bha sinn uile cho brònach a bhith a' fàgail, ach b' iad na seann daoine a bu mhotha air an tug seo buaidh. Bha iad air fuireach ann fad am beatha," thuirt i.

Phòs i Uibhisteach, Dòmhnall MacCuithein, nach maireann, 's chaidh i na Caitligeach.

Tha i a' fàgail triùir nighnean.