Sgoilearan a' togail fianais an Earra-Ghàidheal

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha cuid de sgoilearan ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd an dùil fianais a thogail mu phlana gus seirbheisean do dh'òigridh a ghearradh anns an sgìre.

Tha dùil gun tachair seo aig grunn àrd-sgoiltean madainn Diciadain.

Thèid buidseat ùr na Comhairle a chur an gnìomh Diardaoin.

Tha roghainnean dùbhlannach mu choinneimh Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid leis a' bhuidseat aca.

Gearraidhean

'S e gearraidhean mòra a dhèanamh air seirbheisean do dh'òigridh aon roghainn a th' aig comhairlichean.

Tha cuid de dhaoine òga iomagainneach gun lean seo gu lùghdachadh ann an rudan leithid fòraman òigridh, campaichean samhraidh agus tachartsan coimhearsnachd.

Tha dùil gun tèid fianais a thogail agus gum bi rud air a bheil iad a' gabhail "stailcean" aig cuid de dh'àrd-sgoiltean.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil bliadhnaichean de ghearraidhean maoineachaidh a' ciallachadh gum feum iad prìomhachas a thoirt do na seirbheisean air a bheil dleastanas laghail orra a chumail a' dol.

Tha seo a' ciallachadh gum bi gearraidhean anns na seirbheisean eile a tha iad a' tabhainn.