Dùil ri buidseat Chomhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean siar

Tha dùil gun aontaich Comhairle nan Eilean Siar buidseat airson na bliadhna a tha romhainn Diciadain.

Am measg na thathas a' moladh 's e àrdachadh 4.79% air a' chìs-chomhairle, an ìre as àirde a cheadaicheas Riaghaltas na h-Alba.

Tha easbhaidh de chòrr air £5m aca, ach a rèir aithisg a thèid a dheasbad aig Comataidh Poileasaidh is Stòrais an ùghdarrais, gabhaidh seo lìonadh.

"Chan e gearaidhean a bha sinn a' coimhead ris, ach dòighean nas èifeachdaiche air na seirbheisean a tha sinn a' lìbhrigeadh a thoirt seachad," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus tha sinn air cnap math a thoirt a-mach às a' £5m a tha sin.

"Tha e air a bhith na chuideachadh cuideachd a thaobh an airgid a bharrachd a tha an Riaghaltas a' toirt dhuinn leis an aonta a bh' aca leis na h-Uainich, agus tha sinn cuideachd gu bhith ag àrdachadh Cìs na Comhairle.

"Tha sinn a' smaoineachadh le sin gum bi na còmhraidhean againn nas fhasa air sgàth 's gu bheil na rudan sin a' tachairt," thuirt e.