Moladh cìs na comhairle àrdachadh sna h-eileanan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Moladh cìs na comhairle àrdachadh sna h-eileanan

19 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhòtaidh buill Chomhairle nan Eilean Siar Diciadain air buidseat na bliadhna ionmhais tha romhainn.

Tha easbhaidh de chòrr is £5m ann ach a rèir aithisg a thèid a dheasbad aig Comataidh Poileasaidh is Stòrais an ùghdarrais gabhaidh seo lìonadh le sàbhalaidhean a thaobh sheirbheisean, le a bhith a' cleachdadh stòrais a tha ri làimhe, agus le bhith ag àrdachadh cìs na comhairle.