Poilis air càr fhireannaich a lorg

Ridseard Finnis Image copyright Police Scotland/Google
Image caption Chunnacas Mgr Finnis mu dheireadh ann an sgìre Slighe Chinn a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis mu thràth dhiathaid Disathairne.

Tha poilis a tha a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fireannach a chaidh a dhìth an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain ag ràdh gun do lorg iad an càr aige ann an Gleann Aifric.

Chunnacas Ridseard Finnis, a tha 30, mu dheireadh ann an sgìre Slighe Chinn a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis tràth dhiathaid Disathairne, nuair a chaidh boireannach a ghoirteachadh.

B' fheudar dhi cùram fhaighinn aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.

Thathas a' tuigsinn gun do dh'fhag Ridseard Finnis sgìre Chinn a' Mhìlidh ann an càr Citroen gorm.

Tha na Poilis a-niste ag ràdh gun deach an càr sin fhaighinn aig 9:30f Diluain faisg air Canaich.

Cha deach lorg fhaighinn air Mgr Finnis ge-tà.

Tha e 5' 10" de dh'àirde, 's e meadhanach tapaidh, le falt dorcha is sùilean gorma.

Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha geansaidh thragsuid ghorm, briogais dìons ghorm - no briogais thragsuid - agus ad chlòimhe dorcha-ghlas air.

Thugadh rabhadh don phoball gun a dhol faisg air Mgr Finnis.