Misneachd air chuairt sna h-Eileanan Siar

A' Ghàidhlig

Thèid a' bhuidheann Misneachd, a bhios ag iomairt airson ath-bheòthachadh a thoirt air a' Ghàidhlig, air chuairt mu na h-Eileanan Siar air an ath-mhìos a thaisbeanadh "plana radaigich" a chuir iad air bhonn an-uiridh.

Ged a tha an cànan aig mòran den t-sluagh anns na h-Eileanan Siar, tha a' bhuidheann den bheachd gu bheil ceumanan a dhìth airson suidheachadh na Gàidhlig sna h-eileanan a dhèanamh seasmhach, agus airson a dèanamh nas fhasa do dhaoine ionnsachadh.

"Ann an dòigh 's e dìreach poileasaidhean a tha an gnìomh ann an àiteachan eile a th' ann, so ann an dòigh chan eil e cho radaigeach sin," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh, bhon bhuidhinn.

"Ach tha sinn ag ràdh ann an Alba 's dòcha gu bheil poileasaidhean nas treasa, nas daingne a dhìth oirnn gus a' Ghàidhlig a ghlèidheadh.

Ro-innleachdan

"Chuir sinn sin air dòigh airson dìreach còmhradh a thòiseachadh sa chiad àite.

"Tha sinn airson a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach, aig an t-Sabhal Mhòr, agus cuid de dh'àiteachan eile cuideachd, (a thuilleadh air na h-Eileanan Siar) ach dhuinne 's e Gàidhlig a ghlèidheadh anns na coimhearsnachdan traidiseanta an rud as cudromaiche, agus tha ath-bheòthachadh na Gàidhlig anns na h-àiteachan eile ann an dòigh a' crochadh air cridhe gu math làidir anns na h-eileanan.

"Agus tha faireachdainn ann nach eil na poileasaidhean agus na ro-innleachdan a th' againn an-dràsta a' dèiligeadh gu ceart ris na trioblaidean sònraichte.

"Mar eisimpleir, an-dràsta fhèin tha mise a' teagasg chlasaichean Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, agus tha gainnead dhiubh ann an taca ris na bailtean mòra.

"Tha e gu math furasta Gàidhlig ionnsachadh shìos aig deas, ach ma 's e 's gu bheil thu a' fuireach ann an àite anns na h-eileanan 's dòcha nach biodh clasaichean freagarrach dhut a' ruith gu cunbhalach anns a' choimhearsnachd.

"Chan eil sinn ann airson a bhith ag innse do dhaoine gu bheil freagairt againn.

"'S ann airson a bhith dìreach ag èisteachd ri daoine. Dè na beachdan a tha aca?

"Tha cor na Gàidhlig ceangailte ri iomadach rud eile, duilgheadasan a tha ro choimhearsnachdan eileanach mar thaigheadas, obraichean, gainnead sluaigh is stuth mar siud.

"'S dòcha nach eil i cho sìmplidh ri sgoiltean làn Gàidhlig. An e taic ri obair an iasgaich, mar eisimpleir? No obraichean Gàidhlig a bhith a' tighinn chun an eilein?

"Tha iomadh beachd ann, is tha sinn airson sin a chluinntinn bho dhaoine", thuirt e.