Cead ga iarraidh 'son obair air cidhe an Tairbeirt

Cidhe an Tairbeirt Image copyright David Crocker/Geograph

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar 'son leasachaidh mhòir aig cidhe an Tairbeart sna Hearadh.

Tha am pròiseact a' dol air adhart agus dùil ri bàta-aiseig ùr eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh an ath-bhliadhna.

Ged a dheadh aig a' bhàta ùr air an cidhe a chleachdadh mar a tha e an-dràsta, tha feum air leasachadh a dhèanamh agus dùil ri barrachd chàraichean agus barrachd luchd-siubhail ri linn.

'S ann leis a' bhuidheann CMAL a tha an cidhe, agus 's e Comhairle nan Eilean Siar a dh'fheumas breithneachadh a dhèanamh air a' chead-dealbhachaidh.

Tha dùil gun cosgadh an obair £13m uile gu lèir, 's an t-airgead a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Feumar grunnd na mara a chladhach airson doimhneachd a bharrachd a dhèanamh, barrachd rùm a dhèanamh airson chàraichean a pharcadh, cearcall-rathaid ùr, agus cuideachd togalach ùr air a' chidhe, 's an goireas a th' ann an-dràsta ro bheag 'son nan àireamhan nas motha de luchd-siubhail ris a bheil dùil.