Airgead ga dhiùltadh 'son Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath

Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath Image copyright don cload/Geograph

Fhuair a' bhuidheann choimhearsnachd a tha a' feuchainn ri Pàirce Chruinneachaidh a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis a ghabhail thairis briseadh dùil.

Dhiùlt Stòras Fearainn na h-Alba an t-airgead a bha iad a' sireadh bhuapa airson sgrùdadh comais a dhèanamh.

A dh'aindeoin a' bhriseadh dùil, tha a' bhuidheann dòchasach fhathast gun tèid leotha.

Chaidh a' phàirce a thogail ann an 1864 airson gheamaichean Gàidhealach.

Às dèidh an Dàrna Cogaidh ge-tà, chaidh a' phàirce a reic ri Roinn na Gàidhealtachd.

Tha faireachdainn ann ge-tà, nach eil am feum as fheàrr ga dhèanamh den phàirce, agus gu bheil na togalaichean a' dol bhuaithe.

Tha buidheann choimhearsnachd airson 's gun atharraich sin, agus planaichean mòra aca airson taigh-bìdh agus ionad cùraim chloinne, am measg grunn rudan eile.

Thuirt a' bhuidheann gun cùm iad orra a' feuchainn ris na planaichean aca a thoirt gu buil.

"Tha sinn misneachail," thuirt John Ford, bhon bhuidhinn.

"Tha e a' dèanamh na tha sin de chiall leithid seo de rud a bhith ann am meadhan na coimhearsnachdan a tha seo.

"Chan eil againn ach ionnsachadh mar a chanas sinn siud anns an dòigh cheart.

"'S e pròiseas ionnsachaidh a tha sin.

"Bha e air còrdadh rinn glan an t-airgead fhaighinn aig a' chiad oidhirp, ach tha mòran dhaoine an tòir an airgid seo.

"Tha sinn a' coimhead ri buidhnean maoineachaidh eile a-niste, 's feuchaidh sinn ri barrachd bhasgaidean a lorg anns an cuir sinn ar cuid uighean, mar gum biodh," thuirt e.