Rabhadh tuile is gaoithe làidir anns na h-Eileanan an Iar

Muir Image copyright Getty Images
Image caption Tha dùil ri muir làn mu 7m Diciadain.

Chaidh iarraidh air muinntir nan Eilean Siar a bhith air am faiceall madainn Diciadain, 's dùil ri tuil bho làn fìor àrd agus gaoth làidir a bhios ann mun aon àm.

Le àirde na reothairt bidh an cunnart as motha faisg air na cladaichean a tha fosgailte dhan iar-dheas, mu 07:00m anns na h-Eileanan an Iar.

'S e Buidheann Dìon na h-Àireanachd (SEPA) a tha air an rabhadh a sgaoileadh agus 's e seo an ìre as lugha de rabhaidhean mu thuiltean a dh'fhaodas iad a chur a-mach ge-tà.

Tha an aon rabhadh ann dha Arcaibh agus Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh nas fhaide den mhadainn.

Dh'iarr iad air daoine a bhith cùramach ma tha iad a' dol faisg air a' mhuir, agus dìon a chur air sian a dh'fhaodadh falbh leis a' ghaoith.