Pròiseact minc ùr

Minc Aimeireaganach Image copyright Dualchas Nàdar na h-Alba

Tha pròiseact ùr 'son faighinn cuidhteas am minc Aimeireaganach a' lorg luchd-obrach saor-thoileach a bhiodh deònach cuideachadh a thoirt seachad air a' Ghàidhealtachd agus air taobh sear Shiorrachd Pheairt.

Chaidh am minc Aimeireaganach a thoirt a dh'Alba ann an 1938 'son àrach agus na bèin aca a reic.

Ach le cuid aca a' teicheadh bho na tuathan far an robh iad gan cumail, 's cuid eile air an leigeil ma sgaoil a dh'aona-ghnothaich, dh'fhàs iad pailt anns na 1960an.

Marbhadh

Tha minc gu math fiadhaich agus ithidh iad rud sam bith - gu math tric a' marbhadh barrachd na 's urrainn dhaibh ithe.

Tha iad a' toirt fìor dhroch bhuaidh air fiadh-bheatha na h-Alba, gu h-àraidh eòin a tha a' neadachadh air an talamh, agus radain-uisge.

Tha am pròiseact Iomairt Albannach nan Gnèithean Sgaoilteach luach £3.34m, air a ruith fo stiùir Dhualchas Nàdar na h-Alba, agus tha iadsan ag obair còmhla ri 10 urrasan iasgaich a bharrachd air an luchd-obrach saor-thoileach.

Dh'aidich iad gu bheil tòrr taice a dhìth ma tha iad a' dol a shoirbheachadh.

Cudromach

Mairidh am pròiseact ceithir bliadhna, agus thuirt fear-labhairt na buidhne, Mark Purrmann-Charles, gu bheil an obair aca cudromach gu h-àraidh aig an àm seo den bhliadhna.

"Feumaidh sinn smachd fhaighinn air na minc mus tòisich iad a' briodadh. Faodaidh aon mhinc boireann ceud radan-uisge a mharbhadh thairis air trì no ceithir mìosan 'son na cuileanan aice a bhiadhadh - gu math tric tha sin a' ciallachadh gu bheil sgrios ga dhèanamh air a h-uile radan-uisge san àite.

"Tha sinn 'son faighinn cuidhteas iad as t-Earrach mus tòisich iad a' briodadh," thuirt e.

Tha luchd-obrach saor-thoileach ag obair air a' phròiseact mar thà, eadar Dùn Chailleann is Baile an Luig, ach tha a' bhuidheann a' lorg dhaoine a bhiodh deònach taic a thoirt dhaibh timcheall Bhlàr Ghobharaidh agus Raitear, Cùbair Aonghais, Cars Ghobharaidh agus cuideachd timcheall Obair Pheallaidh agus Baile Chloichridh.

Criadh

Bithear a' cur criadha sìos far a bheil coltas gu bheil minc air a dhol seachad, agus ma 's e is gu bheil minc ann, fàgaidh iad làraichean coise. An uairsin thèid ribe a chur agus aon uair 's gum faighear grèim air na minc tha iad gan spadadh gu h-iochdmhor.

Tha iad a' faighinn taic rannsachaidh shaidheansail bho Oilthigh Obar Dheathain a tha a' sealltainn dhaibh càite am bu chòir a' chriadh a chur agus mar a tha na minc a' gluasad gu diofar sgìrean.

Thuirt an t-Oll. Xavier Lambin gun urrainn do mhinc a dhol astaran fada - feadhainn dhiubh a' falbh 80km 'son àite ùr a lorg.