Ruairidh Moireach a' fàgail a' Phàrtaidh Làbaraich

Ruairidh Moireach
Image caption Chur Ruairidh Moireach còrr air 40 bliadhna a' cur taic ris a' Phàrtaidh Labarach

Le seachdnar Bhall-Pàrlamaid air am Pàrtaidh Làbarach fhàgail 's iad a' gearain mu chultar de bhurraidheachd is gràin an aghaidh nan Iùbhach, a thuilleadh air seasamh nan Làbarach air Brexit, tha cuid de na buill àbhaisteach sa phàrtaidh air an sàrachadh cho mòr 's gu bheil iadsan air am pàrtaidh fhàgail cuideachd.

Bhiodh Ruairidh Moireach a' bruidhinn às leth a' phàrtaidh 'son còrr is 20 bliadhna air iomadach prògram naidheachd Gàidhlig is Beurla, ach tha e fhèin a-nis air am pàrtaidh fhàgail.

Co-dhùnadh Duilich

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Mgr Moireach gur e co-dhùnadh gu math duilich a bh' ann dha, às dèidh bhith ag iomairt às leth a' phàrtaidh 'son iomadach bliadhna tro iomadach taghadh, ach thuirt e nach e am pàrtaidh ris a bha e a' cur taic, am pàrtaidh a th' ann a-nis.

"Gu h-àraidh an seasamh a th' aca air Brexit, bhon fhuair am pàrtaidh stiùir gu math soilleir bhon bhallrachd gum bu chòir dhaibh dàrna referendum a chumail air am bu chòir dhuinn tighinn a-mach às an Roinn Eòrpa, no ciamar a bu chòir dhuinn a thighinn a-mach.

"Mar a tha mise ga fhaicinn, chan eil am pàrtaidh a' toirt spèis dhan sin, agus tha Jeremy Corbyn a' dèanamh a h-uile càil ach a' gairm referendum," thuirt e.

Chur Mgr Moireach bliadhnaichean mòra seachad mar chomhairliche Làbarach aig Comhairle nan Eilean Siar agus am measg nan dreuchdan a bh'aige 's e Iar Neach Gairm na Comhairle.

Thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha am Pàrtaidh Làbarach air a bhith a' gluasad bhon làimh dheis chun na làimhe clì, agus tha Mgr Moireach air a bhith na bhall tron ùine sin, ach an turas seo, tha e a' faireachdain gu bheil cùisean eadar-dhealaichte.

Ro fhadalach

"'S e Brexit an co-dhùnadh as motha agus as cudromaiche dhan rìoghachd a tha seo bhon a bha an Dàrna Cogadh ann, agus ma thig sinn a mach às an Roinn Eòrpa gun aonta - rud a tha glè choltach a-nise - tha sin a' dol a bhualadh air a h-uile duine agus a h-uile teaghlach.

"Bidh a h-uile duine againn nas bochda ri linn sin, agus bidh an rìoghachd againn nas miosa dheth agus cha bhi dìon oirnn mar a tha againn an dràsta tron Roinn Eòrpa agus tha iomadach adhbhar 'son fuireach a-staigh ann agus chan eil mi a' faicinn mòran adhbhair 'son tighinn às.

"Tha Jeremy Corbyn a' cur taic ri Theresa May agus ri Brexit Tòraidheach, agus chan urrain dhomhsa m' aghaidh a chur ris an sin," thuirt e.

A rèir Mhgr Moirich, chan eil a' bhuidheann de sheachdnar bhall a dh'fhàg am Pàrtaidh Làbarach Diluain a' dol a dhèanamh diofair a thaobh a bhith a' cur stad air Brexit.

Breithneachadh

"Tha a' chùis air a dhol ro fhada, chan eil againn ach còig no sia seachdainean gus an tig sinn a-mach, tha iad ro fhada gun seo a dhèanamh.

A thaobh cheannard a' phàrtaidh Jeremy Corbyn, thuirt Mgr Moireach gu bheil taic mhòr aige am broinn a' phàrtaidh agus bho na h-aonaidhean ciùird, ach gu bheil am pàrtaidh nas motha na sin - gu bheil e a' tighinn sìos gu na buill fa leth, mar Mhgr Moireach fhèin.

Thuirt e gum feum iadsan breithneachadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a th' ann, agus a rèir Mhgr Mhoirich, tha feadhainn ann ris nach eil an taobh a tha am pàrtaidh a' dol a' còrdadh, agus tha iadsan a' teicheadh bhuaithe.

Chan eil Mgr Moireach den bheachd gu bheil esan seann-fhasanta, no gur iad òigridh air an làimh chlì, a tha a' cur taic ri Mgr Corbyn, am fìor Phàrtaidh Làbarach.

"Tha am Pàrtaidh Làbarach ag ràdh gur e pàrtaidh uabhasach farsaing a th' ann 's gum bu chòir dha a bhith a' toirt a-steach a h-uile seòrsa beachd, agus a h-uile seòrsa duine air feadh na rìoghachd, ach am beachd a bha seo aig a' cho-labhairt bhliadhnail, far an do rinn iad (na buill) gu math soilleir gum bu chòir putadh 'son an dàrna referendum - tha sin air falbh - chan eil sinn a' cluinntinn guth air sin aig Jeremy Corbyn.

Ceannard

"Chan eil e furasta ceannard a' phàrtaidh a chur air falbh oir tha taic mhòr aige taobh na làimhe clì, agus chan fhaca an seachdnar bhall (a dh'fhàg am pàrtaidh) ach dìreach am pàrtaidh a thrèigsinn agus gabhail romhpa air slighe eile," thuirt e.

"Feumaidh daoine a thuigsinn gu bheil poileataigs na dùthcha ga stiùireadh dhan làimh dheis fad na tìde .... tha mi a' smaointinn gu bheil tòrr dhaoine anns a mheadhan a bhiodh ag iarraidh poileataigs a' mheadhain, chan e poileataigs na làimhe deise gu tur no poileataigs na làimhe clì gu tur, ach gum biodh sinn anns a' mheadhan agus a' toirt spèis dhan a h-uile beachd airson dè slighe a th' ann dhuinn anns na linntean a tha romhainn," thuirt e.