Ceist mu phort-fànais an Uibhist a Tuath

Rocaid Image copyright Getty Images

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil cothrom ann fhathast gun tèid port-fànais a stèidheachadh an Uibhist a Tuath.

Tha ceithir puirt san amharc aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus 's ann an Dùthaich MhicAoidh a bhios a' chiad fhear.

An-uiridh, tharraing Comhairle nan Eilean Siar às an fharpais airson ionad san sgìre.

Chuala coinneamh ann an Uibhist a Tuath oidhche Luain ge-tà, gu bheil iad ag iomairt a-rithist às dèidh mar a nochd grunn chompanaidhean prìobhaideach ùidh ann.

Margaidh

Thuirt Ceannard Leasachaidh Eaconomaich na Comhairle, Joe Mac a' Phì, gu bheil dhà no trì chompanaidhean prìobhaideach ag iarraidh a bhith a' cleachdadh Scolpaig airson rocaidean a chur a dh'fhànais.

"S e margaidh mhòr eadar-nàiseanta a th' ann airson saidealan a chur suas agus a bharrachd air sin, tha a' mhargaidh airson diofar sheòrsaichean rocaidean a chur suas a tha a' cumail sùil air an t-sìde am measg rudan eile ... tha a' mhargaidh a' fàs".

Cha robh a h-uile duine aig a' choinneimh ann an Uibhist a Tuath taiceil dhan bheachd, ach tha a' Chomhairle an dòchas na daoine sin a bhrosnachadh.

Thuirt Mgr Mac a' Phì, gu bheil "gnothach aig a h-uile duine ri àireamh-sluaigh agus ri maith na coimhearsnachd agus ri bhith a' tàladh dhaoine òga agus ag iarraidh air daoine òga a bhith a' fuireach agus cothroman cosnaidh a thoirt dhaibh.

Gealladh

"Mar sin, tha sinn ag ràdh riutha gu bheil gnothach agaibhse ris an seo ... 's e an dòigh a dhol timcheall air 's e a bhith a' cumail fiosrachaidh riutha".

Chaidh gealladh a thoirt seachad aig a' choinneimh gun tig a' Chomhairle a bhruidhinn ris na buidhnean fa leth, agus ris na sgoiltean agus gu h-àraidh ris an fheadhainn as fhaisge air Scolpaig.

Ged nach eil dearbhadh sam bith aig an ìre seo gun tèid port-fànais a stèidheachadh an Uibhist, thuirt Mgr Mac a' Phì gu bheil a' Chomhairle airson 's gum bi a' choimhearsnachd air a chùlaibh agus gu bheil buannachd chinnteach na chois.

A rèir Mhgr Mhic a' Phì tha na companaidhean a tha air ùidh a nochdadh air a ràdh gur e Scolpaig an t-àite as fhèarr anns an Roinn Eòrpa 'son rocaidean a chur dhan iarmailt.

Thuirt e gu bheil na companaidhean airson an uidheamachd aca a dhearbhadh agus bidh iad a' dèanamh sin thairis air na mìosan a th' air thoiseach oirrn, a' leantainn riaghailtean eadar-nàiseanta airson sin.