Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Pàrtaidh Làbarach

Tha seachdnar de Bhuill-Phàrlamaid Làbarach air dearbhadh gu bheil iad a' fàgail a' phàrtaidh. 'S iadsan Chuka Umunna, Luciana Berger, Chris Leslie, Angela Nic a' Ghobhainn, Gavin Shuker, Mike Gapes agus Ann Coffey, agus bidh iad a' suidhe sa Phàrlamaid a-niste mar bhuidhinn neo-eimisemilich. Tha feadhainn de na cùl-bheingeirean air a bhith a' gearain mun dòigh sa bheil Jeremy Corbyn a' dèiligeadh ri rudan mar Bhrexit, gràin an aghaidh Iùdhach agus casaidean mu bhurraidheachd sa phàrtaidh. Thuirt Mgr Corbyn gur e briseadh-dùil a th' ann gu bheil na Buill-Phàrlamaid den bheachd nach urrainn dhaibh fuireach sa Phàrtaidh Làbarach.

Taic-airgid Àiteachais

Coinnichidh Rùnaire Eaconomaidh Dùthchail na h-Alba, Fearghas Ewing, ri Rùnaire Àrainneachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Mìcheal Gove, an-diugh a dheasbad taic do dh'àiteachas an dèidh Bhrexit. Tha Mgr Ewing ag iarraidh gealltanais bhon Riaghaltas ann an Westminster gun lean an aon ìre de thaic 's a tha a' tighinn às a' Bhruiseil an-dràsta.

Croitearachd

Tha riochdairean bho Chomataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster ann an Leòdhas an-diugh a' bruidhinn ri croitearan mun dragh a tha orrasan mu bhuaidh Bhrexit. Tha riochdairean nan croitearan a' gearain nach eil fiosrachadh a' tighinn à Westminster agus tha dragh orra gu h-àraid mu Bhrexit gun aonta.

Naidheachdan Fuadain

Tha Buill-Phàrlamaid ag iarraidh còd modhanach a stèidheachadh dha na companaidhean mora teicneòlais mar dhòigh air smachd a chur air naidheachdan fuadain air na meadhanan sòisealta. Rinn Comataidh a' Chultair ann an Taigh nan Cumantan càineadh gu h-àraid air Facebook, agus air ceannard na buidhne sin Mark Zuckenberg, a' cur às an leth gun robh làn-fhios aca gun robh iad a' bristeadh laghan prìobhaiteachd agus farpais. Thuirt Mgr Zuckenberg gu bheil Facebook deònach gabhail ri riaghailtean ciallach.

Rabhadh bho naPoilis

Thug poilis rabhadh dhan mhòr-shluagh gun a dhol faisg air fear air nach eil sgeul aca. 'S ann an sgìre Cheann a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis a chaidh Richard Finnis, a tha 30, fhaicinn mu dheireadh feasgar Dhisathairne. Tha e coltach gur docha gun do dh'fhalbh e às an sin ann an càr liath, Citroen C3. Tha mu chòig troighean 's deich òirlich de dh'àirde ann, meadhanach tapaidh le falt dorcha agus sùilean gorma.