Coille Dhùn Ollaidh an urras

Dùn Ollaidh Image copyright Jill Everington/Geograph
Image caption Tha a' choille - sa bheil Caisteal Dhùn Ollaidh - air iomall bhaile an Òbain, 's tha sgeama taigheadais na teis-mheadhan.

Ghabh buidheann ghlèidhteachais coille ann an Earra-Ghàidheal thairis, a' fàgail gu bheil a-niste cha mhòr còig "coilltean-uisge" fo smachd aca air a' chosta an iar.

Thugadh Coille Dhùn Ollaidh, anns an Òban, sa bheil ceithir fichead acair, do dh'Urras nan Coilltean Alba le Oighreachd Dhùn Ollaidh, air màl bheag fad 99 bliadhna.

Ann an corra cheàrnaidh air a' chosta an iar, tha earrainnean de dh'àrainneachd shònraichte ris an canar coille-uisge Atlantach.

Coilltean air an dèanamh suas de chraobhan darraich, calltainn agus beithe, le tòrr chòinnich agus rudan eile a tha dèigheil air àrainneachd fhliuch.

Coille Bhailteil

Tha a-niste ceithir de na coilltean seo fo sgèith Urras nan Coilltean Alba - agus 's i Coille Dhùn Ollaidh an tè as ùire aca.

"Fo dhuilleadh nan craobhan - craobhan dùthchasach a dh'aithnicheas daoine leithid calltainn, darach agus beithe - tha preaslach mèath de chòinnich is clò-uisge is crotal, agus lusan eile," thuirt Seòras MacAnndrais, bhon Urras.

"'S e sin a tha ga dèanamh an coille-uisge Albannaich.

"Tha sinne air ar dòigh o chionn tha sinn a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing dhan àrainneachd seo, agus tha geata a-steach air againn dha-rìribh ann an Dùn Ollaidh, bhon 's e coille bhailteil a th' ann.

"Tha taighean sòisealta tro a meadhan.

"Ach a thuilleadh air sin bidh mòran dhaoine a' siubhal seachad oirre, gach cuid air tìr agus aig muir.

"Tha e a' dol còmhla ri coilltean eile ris a bheil sinn a' gabhail gnothaich gu dìreach - no a tha sinn an dòchas gnothach a ghabhail riutha gu dìreach a dh'aithghearr," thuirt e.

Tha coille eile fo sgèith an Urrais an Earra-Ghàidheal - ann an Crianan - a thuilleadh air Coille Ùige san Eilean Sgitheanach, agus Giùthsach Loch Airceig an Loch Abar.

Tha an t-Urras an dòchas an còigeamh coille - Beinn Sìldeig air taobh siar Rois - fhaighinn a dh'aithghearr, an dèidh iomairt a thòisich an-uiridh, airson airgead a thrusadh a cheannaicheadh an 4,000 acair an sin.