Draghan mu thuathanasan èisg ùra

Baile MhicCuithein Image copyright Richard Dorrell/Geograph

Tha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh tuathanas èisg organach air taobh sear an Eilein Sgitheanaich.

Fhuair a' chompanaidh Organic Sea Harvest cead an-uiridh 'son dà làraich faisg air Inbhir Tobhta agus Cùl nan Cnoc, deas air Stafainn, 's dùil aca na ceidsichean a chur an sàs ro dheireadh na bliadhna, 's gum biodh bradan annta mun àm seo an ath-bhliadhna.

Ach bha taisbeanadh aca air an deireadh-sheachdain air plana 'son dà làraich eile beagan nas fhaide tuath.

Tha an dà làraich sin faisg air Flòdaigearraidh agus Baile MhicCuithein.

Obraichean

Chaidh coinneamhan fiosrachaidh a chumail anns an sgìre Dihaoine 's Disathairne (14mh agus 15mh Gearran).

"Tha tòrr cheistean a' tighinn," thuirt stiùiriche na companaidh, Ailig Mac'illÌosa.

"Tha daoine a' coimhead air adhart ri seo a' tachairt, agus daoine eile chan eil iad cinnteach," thuirt e.

Tha cuid de dhaoine san sgìre a' dèanamh fiughair ris an leasachadh, 's iad a' coimhead gu h-àraid gum bi cothroman obrach san sgìre.

Ach ged a chaidh draghan a thogail mu phlanaichean na companaidh an-uiridh, is coltach gu bheil barrachd dhaoine draghail mu far a bheileas am beachd an tuathanasan ùra a chur, agus iad sin gu bhith nas fhaisge air bailtean air a' chosta eadar Stafainn agus Dùn Tuilm.

"Chan eil mi ag iarraidh tuathanais èisg faisg air Eilean Fhlòdaigearraidh," thuirt Cairistiona NicNeacail, a tha a' fuireach ann am Flòdaigearraidh.

"Chan eil mi ag iarraidh na ceidsichean a tha sin a bhith a-muigh air a' chuan.

"Tha iad dìreach feidhir mu ar coinneimh ... tha iad ann am muir uabhasaich aig iomadach àm, tuilleadh is faisg air a' chladach 's air an tràigh.

"Tha uallach orm nam biodh stoirm no droch shìde ann, gun tigeadh na ceidsichean a tha sin far a' ghrunnd, agus gun tigeadh iad a-steach air tìr.

"Nuair a tha a' ghaoth a' tighinn bhon tuath, 's bhon ear-thuath, tha muir mhòr ann an sin," thuirt i.

Sgaradh

Tha faireachdainn air a bhith ann gu bheil sgaradh ann eadar beachdan dhaoine a thàinig a-steach a dh'fhuireach san sgìre - a tha an aghaidh nan tuathanasan èisg - agus daoine a bhuineas dhan sgìre, a th' air an son.

"Saoilidh mi gu bheil sinne air tòrr càineadh fhaighinn, mise agus daoine eile sa choimhearsnachd ionadail a tha a' cur an aghaidh seo, seach gun tàinig sinn a-steach dhan sgìre," thuirt Katie Tunn, a tha a' fuireach air an Àird faisg air Cille Mo Luag.

"Tuigidh mi gun teagamh mar a tha e doirbh do dhaoine a th' air fàs suas an seo, 's aig a bheil càirdean a tha ag obair air na tuathanasan èisg, bruidhinn a-mach.

"'S tha mòran dhaoine air tighinn thugamsa gu prìobhaideach 's iad ag ràdh "cha chanainn càil, ach cha toil leam an smuain gun tèid na tuathanasan èisg a tha seo air adhart".

"Tha cuideigin ann an Ùige a tha ag ràdh gum b' àbhaist dha a bhith ag iasgach, agus a-niste nach eil iasg ann tuilleadh a ghlacas e faisg air na tuathanasan èisg," thuirt i.

An Àrainneachd

Tha draghan gan togail san fharsainneachd an Alba mu na tha de shalchair ga chruthachadh le tuathanasan èisg, 's mun bhuaidh a tha iad a' toirt air an àrainneachd.

"Tha ceist a' tighinn mu dheidhinn sin, ach far a bheil sinn sa mhuir, tha a' mhuir uabhasach làidir, agus tha sinn ag obair còmhla ris a h-uile duine, a bhios a' coimhead ciamar a bhios sinn ag obair leis an iasg, 's a' coimhead air grunnd na mara.

"Chan eil dragh mòr oirnne mu dheidhinn sin," thuirt Ailig Mac'illÌosa.

Tha cuideachd draghan gan togail le muinntir Fhlòdaigearraidh mun fhuaim a bhiodh an lùib na ceidsichean a bhith cho faisg orra, agus cuideachd mar a bheireadh iad buaidh air na seallaidhean aca.

"Tha e a' cur iongnadh mòr orm gu bheil iad ag iarraidh an cur shuas ann an sin," thuirt Cairstiona NicNeacail.

"Tha tòrr luchd-turais a' tighinn an rathad againn, agus ma choimheadas tu air na mapaichean a chaidh a thoirt dhuinn bha iad a' sealltainn ann an dearg na spotaichean far am faic thu fiù 's na dhà - Baile MhicCuithein agus Flòdaigearraidh.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gum bi luchd-turais ag iarraidh thighinn 's a dhol a choimhead air dà chnap de cheidsichean èisg. Sin mo bheachd-sa co-dhiù," thuirt i.