Ceistean Bhrexit gan cur air croitearan

Caoraich

Bidh Buill-Phàrlamaid bho Chomataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster ann an Leòdhas Diluain airson bruidhinn ri croitearan is iad a' coimhead ris an t-slighe air adhart do dh'àiteachas às dèidh Bhrexit.

Tha iad ag ràdh gum feum croitearan èisteachd fhaighinn aig an àm chudromach seo.

Thèid buill de Chomataidh nan Cùisean Albannach gu grunnan chroitean ann an Leòdhas.

Cluinnidh iad mu na duilgheadasan a th' aig croitearan an-dràsta fhèin, agus na tha a' dèanamh dragh dhaibh mu dheidhinn Bhrexit.

Air an fhionairidh, thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Talla Baile Steòrnabhaigh.

Thuirt cathraiche na comataidh, Pete Wishart, nach robh mòran mu chroitearachd ann am Bile an Àiteachais, a tha a' coimhead ri dòighean eile airson subsadaidhean a thoirt seachad às dèidh Bhrexit, agus gu bheil sin a' dèanamh dragh dha.

Bha e ag ràdh gu bheil e deatamach gum faigh croitearan taic fhad 's a bhios siostam ùr ga chur an sàs.

Thuirt e gun dèan a' chomataidh an dìcheall dèanamh cinnteach gun tèid feart a thoirt do bheachdan nan croitearan.