Coinneamh mu thaicean-airgid àiteachais

Baile Croitearachd

Coinnichidh Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, ri Mìcheal Gove, aig a bheil an obair sin an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Diluain airson bruidhinn mun ìre de thaicean-airgid a bhios ri fhaotainn do thuathanaich 's croitearan às dèidh Bhrexit.

Tha Mgr Ewing a' sireadh gealltanais gum faigh iad na h-aon subsadaidhean agus a tha iad a' faighinn an-dràsta.

Tha a' choinneamh eadar Fearghas Ewing agus Mìcheal Gove gu bhith a' tachairt agus beagan is mìos a-nise air fhàgail mus fàg an Rìoghachd Aonaichte an EU.

Tha Mgr Ewing air a ràdh gu bheil mì-chinnt mu choinneimh thuathanach agus chroitearan na h-Alba leis nach eil iad air na gealltanasan fhaighinn a tha a dhìth orra, sin gum faigh iad an aon ìre de thaicean-airgid às dèidh Bhrexit 's a tha iad a' faighinn bhon EU an ceart-uair.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil iad air a dhèanamh soilleir mar thà gun lean an aon ìre de thaic dhan roinn 's a tha iad a' faighnn an ceart-uair chun na bliadhna 2022.

Tha roinn na h-àrainneachd aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd ag ràdh gun tèid taic a chumail ri tuathanaich 's croitearan airson seachd bliadhna ann am pròiseas eadar-amail gus an roinn a chuideachadh fhad 's a bhios an dùthaich a' gluasad air falbh bho Phoileasaidh Choitcheann an Àiteachais (CAP).