Taic Leas-Phìomh Mhinisteir do leasachadh Steòrnabhaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic Leas-Phìomh Mhinisteir do leasachadh Steòrnabhaigh

15 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thug Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, taic làidir do phlana airson leasachaidh luach £60m ann am port Steòrnabhaigh.

Tha dùil gun tèid tòiseachadh air a' chiad earrann dhen obair, sin marina ann am bàgh Newton, an ceann dà mhìos.

Tha coltas ann cuideachd gun tèid a’ phriomh phàirt den phròiseact - acarsaid nas doimhne a dhèanamh do Chala Ghlumaig aig Rubha Airnis - a thoirt air adhart.