Oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn air a sgrios
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn air a sgrios

15 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh oifis Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas a sgrios gu tur le teine oidhche Ardaoin.

Cha deach duine ghoirteachadh, ach chaidh seann chlàran croite a chall, agus tha an t-Urras a-nis a’ coimhead airson àite anns an sgìre far am faigh iad air obair na h-oifis a chumail a’ dol.

Tha obair rannsachaidh air na dh'adhbhraich an teine a’ leanntainn.