Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Shamima Begum

Thuirt Ministeir na Tèarainteachd, Ben Wallace, gum bidh poilis a' ceasnachadh deugaire à Breatainn a chaidh gu IS ann an Siria ma 's e agus gun till i dhan Rìoghachd Aonaichte. Dh'fhàg Shamima Begum, a tha 19, Breatainn bho chionn ceithir bliadhna. Tha i an-dràsta ann an campa fhògarrach ann an Siria agus dh'innis i dhan Times gu bheil dùil aice ri leanabh agus gu bheil i 'son tilleadh dhachaigh.

Brexit

Bidh bhòt eile ann an Taigh nan Cumantan air plana Theresa May 'son Bhrexit agus am Prìomhaire a' feuchainn ri dearbhadh dhan Bhruiseil gum faigh i taic na Pàrlamaid. Tha buidheann mhòr de Bhuill-Phàrlamaid Tòraidheach a' maoidheadh gum bhòt iad an aghaidh a' phlana 's iad ag ràdh gum faodadh e cur às dhan roghainn 'son falbh às an EU gun aonta.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh an-diugh air buill Chomhairle na Gàidhealtachd gabhail ri £27m de ghearraidhean 'son na bliadhna-ionmhais ùire. Chan eil dìon air foghlam an turas seo agus thèid còrr 's £10m a ghearradh às a' bhuidseat sin. Thèid 3% a chur ri Cìs na Comhairle ach tha an t-ùghdarras ag ràdh, a dh'aindeoin nan gearraidhean, nach caill duine an cosnadh an aghaidh an toil.

Airbus A380

Dh'iarr na h-aonaidhean gealltanas mu 200 de luchd-obrach ann am Breatainn a tha a' dèanamh phàirtean den phlèana Airbus A380. Leig Airbus fhaicinn sa mhadainn an-diugh gun sguir iad a' togail an itealain, am plèana luchd-siubhail as motha a th' ann, oir nach eil iarrtas ann air a shon.

Patisserie Valerie

Tha aithrisean ann gu bheil buidheann ionmhais Èireannach air an t-sreath thaighean-bìdhe, Patisserie Valerie, a ghlèidheadh. Tha e coltach gun cùm Causeway Capital Partners an 120 bùth a tha air fhàgail fosgailte agus gun glèidh sin 2,000 cosnadh. Tha teagamh air a bhith ann mu Patisserie Valerie bhon Dàmhair an-uiridh nuair a thàinig toll mòr am follais ann an leabhraichean an ionmhais aca.

Bancaichean-bìdhe

Tha an àireamh dhaoine a tha a' cleachdadh bhancaichean-bìdhe air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a' sìor èirigh a rèir a' charthannais, Urras Trussell. Chleachd an ceathramh cuid a bharrachd na 16 bancaichean-bìdhe air a' chiad shia mìosan an-uiridh, seach mar a bh' ann an 2017. Tha Urras Trussell ag ràdh gu bheil siostam ùr nan sochairean, an Creideas Coitcheann, a' cur dhaoine ann an èiginn.