Pròiseact rèile a' chinn a tuath deiseil

Loidhne rèile Image copyright Network Rail
Image caption Chaidh pìosan ùra rèile a chur ann an 59 àitean air loidhne a' Chinn a Tuath agus air loidhne a' Chaoil.

Chosg Network Rail £11m airson pìosan rèile air an loidhne dhan Cheann a Tuath agus loidhne a' Chaoil a sgeadachadh.

Thug an obair dà bhliadhna gu leth agus chaidh còrr is 11,000 pìos fiodha ùr a chur air an rathad-iarrainn.

Thuirt Network Rail gum fàg an obair seo na loidhnichean nas seasmhaiche, agus nas cofhurtaile dha luchd-siubhail nan trèanaichean.

Thug droch shìde buaidh air an obair aca tron àm sin, le maoim-slèibhe a' toirt buaidh air an loidhne aig Loch Luinncheirt ann an 2017, agus am 'Beast from the East' a' cur maill orra an-uiridh.

Bathair air a' bhàta

Dh'obraich iad air 59 àitean air an loidhne a tha a' dol dhan Cheann a Tuath agus loidhne a' Chaoil.

Chaidh obair mhòr a dhèanamh eadar stèisean-rèile Inbhir Ùige agus Georgemas, leis na rèilichean ùra a' tighinn air bàta gu ruige Scràbasdail a' sàbhaladh 110 turas làraidh air an rathad mhòr.

Tha Network Rail air £30m a chosg uile gu lèir air loidhne a' Chinn a Tuath eadar 2014 agus 2019, ag ùrachadh siostaim nan siognalan, agus a' dèanamh chroisean-rèile nas sàbhailte am measg eile.

Thuirt tè-labhairt na buidhne, Lindsay Saddler, gu bheil iad ag obair air an loidhne a dhèanamh nas seasmhaiche: "Ged nach eil loidhne a' Chinn a Tuath cho trang, tha sinn a' faicinn gu bheil e cudromach dha na coimhearsnachdan iomallach".