Urras Fhlòdaigearraidh dòchasach mu ionad coimhearsnachd ùr

Flòdaigearraidh

Tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach an dòchas gum bi fios aca ro thoiseach an t-Samhraidh am faigh iad pìos fearainn sa bhaile air an tog iad ionad coimhearsnachd ùr.

Tha cead-dealbhachaidh ann am prionnsabal aca 'son ionad anns am biodh bùth, àite-bìdhe, taighean-beaga, ionad-tasgaidh agus àiteachan anns am faigh luchd-ciùird na sgìre stuth a reic.

Thuirt Cathraiche an Urrais, Mairead NicNeacail, nach eil iad airson toirt air falbh bho ghoireasan sam bith eile a th'anns an sgìre.

Obraichean

" 'S e rudeigin a bharrachd a tha sinn airson a chur anns an ionad a tha seo ... tha sinn airson 's gum bi e airson na sgìrean air fad, bhon Lethallt a-nùll gu Sgudabrog".

Bidh a' bhùth a tha an luib a' phròiseict airson daoine a tha dèanamh rudan iad fhèin mar a tha fighe, quilteadh 'son cothrom a thoirt dhaibh sin a reic nas fhaisge air an dachaigh aca.

Thuirt i nach eil mòran obraichean anns an sgìre agus gur e sin fear dhe na prìomh amasan aca a bhith a' tàladh dhaoine òga gus cothrom cosnaidh fhaighinn nas fhaisge air an dachaigh.

Cead-planaidh

Fhuair an t-Urras cead-dealbhachaidh ann am prionnsabal bhon Chomhairle air 4mh den Ghearran, agus tha iad an dòchas gun toir sin iad ceum nas fhaisge air an talamh a cheannach.

Chuir Cùirt Fearann na h-Alba amas air am beulaibh an cead sin fhaighinn an toiseach mus toireadh iadsan an cead mu dheireadh 'son an talamh a cheannach.

"Tha sinn dòchas gum bi sealbh againn air an fhearann seo 's dòcha deireadh an Earraich, toiseach an t-Samhraidh.''

Le seusan na turasachd a' leudachadh, tha an t-Urras cuideachd ag amas orrasan a thàladh dhan ionad far am faigh iad biadh agus goireasan eile fad na bliadhna.