Sgeama Pìleat Parcaidh san Òban

Port an Òbain Image copyright David Dixon
Image caption 'S e baile trang a th' anns an Òban leis na h-uiread aiseagan a' cleachdadh a' phuirt.

Dh'fhaodadh gun tèid cead parcaidh seachdaineach a stèidheachadh ann an Earra-Ghàidheal air fad ma shoirbhicheas le sgeama pìleat san Òban.

Thugadh slaic air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air sgàth cho toinnte 's a tha an siostam pàighidh aca airson parcaidh, gu h-àraid san Òban, far am feum dràibhearan ticeadan ùra fhaighinn a h-uile là, mura bheil cead parcaidh aca airson trì no sia mìosan, no airson bliadhna air fad.

Chaidh càineadh a dhèanamh air an t-siostam aig prìomh phort Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, far am bi cuid de dhràibhearan, a tha a' falbh air an aiseag, a' fàgail an càraichean airson grunn làithean.

Cosgais

Mar a tha cùisean an-dràsta, chan eil dol às aca ach cead parcaidh airson co-dhiù trì mìosan a cheannach.

Bruidhnidh comhairlichean air planaichean airson cead a mhaireas seachdain neo mìos nuair a choinnicheas Comataidh Poileasaidh agus Goireasan an ùghdarrais ionadail Diardaoin.

Fo na thathar a' moladh, chosgadh cead aon mhìos £60 le cead seachdaineach, a dh'fhaodas a bhith air a chleachdadh ann an raon-parcaidh sam bith, £30.

Ma chuireas iad taic ris a' mholadh bidh sgeama pìleat ann an sgìre an Òbain, Latharna agus nan Eilean, agus ma thèid le sin, thèid a sgaoileadh air feadh Earra-Ghàidheal agus Bhòid.