Barrachd dhaoine an-eisimeil bhancaichean-bìdhe

Banca-bìdhe Image copyright Getty Images

Tha barrachd dhaoine a' cur feum air bancaichean-bìdhe air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, a rèir na buidhne carthannais Urras Trussell.

Thàinig àrdachadh a' chairteal chuid air na bha de dhaoine a' tadhal air na 16 bancaichean-bìdhe a th' anns an sgìre sa chiad leth den bhliadhna an-uiridh, tha iad ag ràdh.

Chaidh cha mhòr 7,000 parsail èiginneach, le biadh gu leòr airson trì làithean, a thoirt seachad.

Thuirt a' bhuidheann gur e siostam connspaideach a' Chreideis Choitchinn as motha a tha ri choireachadh.

Thuirt Manaidsear a' Chinn a Tuath, Ceit Kitchingham, gu bheil ceangal dìreach ann eadar na th' ann de dhaoine a' cleachdadh bhancaichean-bìdhe agus sochair ùr, an Creideas Coitcheann.

Chuir i ris a sin agus i ag ràdh: ''Tha sinne gu cinnteach airson 's gun tig atharrachadh air an t-siostam, ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil daoine gu leòr againn, a tha a' dèanamh na h-obrach gu saor-thoileach agus gu bheil coimhearsnachdan a' tuigsinn na tha a' tachairt anns na bancaichean-bìdhe.

'''S e bochdainn agus cruadal a th' air cùl seo agus feumar dèiligeadh ris bhon tha e a' toirt buaidh mhòir air tòrr dhaoine ann an coimhearsnachdan thall 's a-bhos air a' Ghàidhealtachd.''