Iomairt ùr airson luchd-turais a thàladh a dh'Uibhist

Traigh an Ear, Uibhist

Nì Calmac iomairt leis an teachdaireachd gu bheil Uibhist na cheann-ùidhe air leth do luchd-siubhail.

Tha a'chompanaidh aiseig, le taic na buidhne Turasachd Innse Gall, airson aire dhaoine a tharraing gu bòichead na sgìre eadar Eioriosgaidh agus Beàrnaraigh agus na tha ri dhèanamh ann.

Cuiridh iad iomairt margaidheachd nàiseanta air bhonn fon bhratach Sea Uist Soon mus tòisich seasan turasachd 2019.

Thuirt Anndra MacNair, Ceannard Margaideachd ChalMac: "An dèidh nan duilgheadasan a bh' againn an-uiridh le seòlaidhean bha sinn airson cumail oirnn a' cur taic ris an sgìre le na seirbheisean againn, agus cuideachd le bhith ag obair còmhla ri daoine a tha an sàs ann an turasachd gu h-ionadail airson inbhe Uibhist a thogail."

"Le bhith a' cur airgid ris an iomairt seo tha sinn a' dearbhadh gu bheil sinn airson ar dìcheall a dhèannamh dha na h-eileanan agus dha na coimhearsnachd tha sinn a' frithealadh gus daoine a bhrosnachadh a thighinn a dh'Uibhist ma tha iad gu bhith air saor-làithean an Alba," mhìnich Mgr MacNair.

Gealltanas

Tha Rob MacFhionghain bho Thurasachd Innse Gall ag ràdh gun tàinig an iomairt gu bith an dèidh chòmhraidhean cruaidh le CalMac mu na trioblaidean a bh'ann an-uiridh.

"Tha iad air an gealltanas aca airson airgead a chur an sàs sa sgìre a choileanadh airson agus gum fàs eaconamaidh na turasachd.

"Tha mòran de na daoine a bhios a' tighinn gu tric dha na h-eileanan a' roghnachadh fuireach ann an Uibhist.

"Tha an iomairt chruthachail seo ag amas air aire barrrachd dhaoine a tharraing le bhith a' taisbeanadh na tha ri fhaichinn agus ri dhèanamh an Uibhist", thuirt Mgr MacFhionghain.