Dealbhan iongantach de chomhachagan-cluasach

Comhachagan-cluasach

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

'S e Ron Dòmhnallach, a b'àbhaist a bhith na mhanaidsear aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhoirbhidh, a fhuair na dealbhan de na comhachagan-cluasach a' dèanamh air na biastan beaga a bhios iad ag ithe.

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba ris a bheil an tèarmann an urra.

Tha buidheann de suas ri seachd comhachagan air a bhith a' fuireach ann on Dàmhair an-uiridh.

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

Tha Ron ag ràdh gur e tlachd mhòr a th'ann a bhith a' togail dhealbhan den chomhachaig-chluasaich.

"Leis gu bheil iad a' sealg ann an solas an là, tha iad gu math tric a' sgèith gu mall agus a' suidhe air puist.

"Ma tha iad a' gluasad le dathan na mòintich agus na machrach air an cùlthaobh faodaidh e a bhith nas duilghe dealbh a tharraing dhiubh, ach tha e a' fàs nas fhasa le sgilean bunaiteach a' chamara agus mar as motha a thèid thu a-mach.

"Bidh iad a' fàs nas comhfhurtail le daoine rè a'gheamhraidh, a' fàs cleachdte ri luchd-tadhail a th'airson am bòichead agus an gluasad agus na modhan aca a ghlachadh," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

Tha e air a bhith a' leantainn nan comhachagan ann am Foirbhidh airson ceithir mìosan.

Chan eil Ron na aonar; tha tòrr luchd-deilbh fiadh-bheatha air thighinn air sgàth agus cho tarraingeach 's a tha na h-eòin.

Ged a bhios comhachagan sa chumantas a' sealg air an oidhche, tha feadhainn mar a' chomhachag-chluasach a' dèanamh barrachd tron là na gnè eile.

Tha Ron air a bheò-ghlachadh leotha.

"'S e isean air leth brèagha a th'anns a' chomhachag-chluasach, le cearcall na sùla òr-bhuidhe agus clach na sùla dubh le itean timcheall air na sùilean aca coltach ri mascara," thuirt e.

Tha seo a' fàgail gu bheil na sùilean aca a' coimhead gu math biorach nan cinn agus tha an geur-amhairc seo a' cur stad ort, am beachd Ron.

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

"'S ann leis a' chluais seach leis an t-sùil a bhios an t-eun seo a' sealg agus, mar sin, tha mi nas dualtaiche am faicinn air là gun cus gaoithe ann agus nuair a bhios e tiorram.

"Tha mi a' dèanamh dheth gur e fuaim na gaoithe agus an uisge, cho math ri gluasad lusan, a tha a' fàgail nach eil cus teansa gum faic mi iad air là nuair a tha a' ghaoth nas làidire na 15 mìle san uair neo fiù's nuair a bhios uisge mìn ann," thuirt e.

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

Bha Ron Dòmhnallach ag obair fad 27 bliadhna do Dhualchas Nàdair na h-Alba mus de leig e dheth a dhreuchd ann an 2015.

Tha e ag obair an-dràsta air fiolm, The Return of the Giants, sgeulachd mu mar a tha mucan-mara crotach a' tighinn air ais a dh'uisgeachan na h-Alba agus mar a tha còir barrachd a bhith air a dhèanamh airson creutairean mara a ghlèidheadh.

Comhachag-chluasach Image copyright Ron Macdonald

Còraichean uile glèidhte