Riaghaltas a' gabhail gnothaich ri seirbheis fiaclaireachd Uibhist?

Obair fiaclaireachd Image copyright Getty Images

Tha e coltach gum faodadh Riaghaltas na h-Alba seasamh a-steach mura bi adhartas ann an seirbheis fiaclaireachd Uibhist.

Tha deasbad air a bhith a' leantainn son ùine mhòr mu na tha an dàn don t-seirbheis san sgìre.

An-dràsta, tha trì ionadan san sgìre ann an Lìonacleit, Loch nam Madadh agus Loch Baghasdail, ged a tha am fear seo air a bhith dùinte air adhbharan sàbhailteachd agus an togalach ann an droch staid.

Bho chionn faisg air dà bhliadhna, mhol Bòrd Amalaichte nan Eilean Siar, ris a bheil cùraim slàinte agus obair shòisealta a-nis an urra, gum biodh aon ionad fiaclaireachd ann an Ospadal Uibhist agus Bharraigh ann am Beinn nam Faoghla agus gun dùnadh na h-ionadan beaga eile.

Easaontachd

Ach cha robh buill a' bhùird aonaichte air a' cheist le ceathrar a' cur taic ris a' mholadh agus ceathrar na aghaidh nuair a bha bhòt ann sa Ghearran 2018.

'S ann an nuairsin a thòisich pròiseas rèiteachaidh a' bhùird feuch am faighte air a' chùis a ghluasad air adhart.

'S e a' chiad cheum sa phròiseas rèiteachaidh, tha e coltach, gun coinnich Àrd-oifigear a' Bhùird Slàinte le Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar.

A' bruidhinn air Rèidio nan Gàidheal, thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan gu robh e a' cur iongnadh air nach do thachair sin.

"Aon rud a bhiodh math gum biodh an dà bhuidhinn a' bruidhinn ri chèile mu dheidhinn dòighean nas fheàrr airson a bhith a' bruidhinn dhan choimhearsnachd.

"An rud a tha a' nochdadh a-rithist agus a-rithist a-mach às a' phròiseas seo 's e nach eil a' choimhearsnachd ann an Uibhist a' faireachdain gu robh iad an sàs sa phròiseas a bh'ann, " thuirt Mgr Allan.

Rèiteachadh leis an Riaghaltas?

Ach tha teansa gun gabh an Riaghaltas gnothach ris a' chùis fhathast, am beachd Mghr Allan.

"Tha mise air a bhith a' mìneachadh dhan mhinistear cho mì-thoilichte agus a tha tòrr dhaoine ann an Uibhist mu dheidhinn na staing seo.

"'S ann leis an dà bhuidhinn a tha an co-dhùnadh an-dràsta, ach mar a bha mi a' dèanamh soilleir, tha teansa gun tig an là far nach bi a' cheist sin ann an làmhan an dà bhuidhinn, ach feumaidh iad a bhith a' bruidhinn ri chèile," thuirt Mgr Allan.

Cluinnidh buill a' bhùird amalaichte dè an t-adhartas a chaidh a dhèanamh nuair a choinnicheas iad Diciadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo