BBC Naidheachdan

Ath-sgrùdadh ga shireadh air leudachadh an A9

Published
image captionTha luchd-iomairt ag ràdh nach eil na planaichean 'son an A9 a' dìon làraichean eachdraidheil no na h-àrainneachd, agus gun dèan an rathad cron air aon de na raointean-cogaidh as ainmeil ann an Alba, aig Coille Chnagaidh.
Tha luchd-iomairt a' sireadh ath-sgrùdaidh air an dòigh anns a bheil planaichean air an làimhseachadh airson an A9 a dhèanamh dùbailte.
Tha iad ag ràdh nach eil na planaichean a' dìon làraichean eachdraidheil no na h-àrainneachd, agus gun dèan an rathad cron air aon de na raointean-cogaidh as ainmeil ann an Alba, aig Coille Chnagaidh.
Thuirt buidheann rathaidean Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair airson fuasgladh fhaighinn a thaobh nan gearainean.
Tha an obair a' leantainn airson an A9 a dhèanamh dùbailte, ach tha draghan aig cuid de choimhearsnachdan a tha faisg air an rathad.
Tha luchd-iomairt an aghaidh phlanaichean airson an rathad a leudachadh tro phàirt de làraich an raoin-chogaidh aig Coille Chnagaidh agus iad ag ràdh gu bheil siostam planaidh sònraichte aig a' phròiseict agus nach urrainn do bhuidhnean mar Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba gnothaich a ghabhail ris.
Tha a' bhuidheann iomairt a' sireadh ath-sgrùdaidh air an dòigh anns a bheil na planaichean air an làimhseachadh is iad ag ràdh gu bheil cus feairt ga thoirt do Chòmhdhail Alba.
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad mothachail mu na draghan a tha a' buntainn ris an raon-chogaidh agus gu bheil iad a' gabhail comhairle bho bhuidhnean mar Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus diofar choimhearsnachdan airson dèileagadh ris a' chùis.