Plastics
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Nas lugha phlastaig san Ath-Leathann?

12 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh aontachadh aig coinneimh a-raoir san Ath-Leathann feuchainn ri pròiseact a chur air dòigh gus lùghdachadh a thoirt air na tha de phlastaig san àrainneachd.

Bha còrr is 40 duine aig a' choinneimh, le Companaidh Coimhearsnachd an Ath-Leathainn - far an deach iarraidh orra bruidhinn ri gnìomhachasan agus buidhnean ionadail feuch an gabh nas lugha phlastaig a chleachdadh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.