Nì dròn sgrùdadh air uisgeachan an Eilein Sgitheanaich

Cheannaich buidheann choimhearsnachd san Eilean Sgitheanach dròn a thèid fon mhuir airson sgrùdadh a dhèanamh air an àrainneachd sa bheil creutairean mara a' tighinn beò agus air na bhios a' fàs ann.
Fhuair Iomairt Mhara Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich taic-airgid airson an uidheamachd a cheannach.
Tha iad cuideachd airson camarathan a chur air bùird grunnachaidh agus canùthan airson dealbhan a thogail fon uisge.
Cumaidh a' bhuidheann coinneamh phoblach air an 28mh den Ghearran aig An Crùbh ann an Slèite airson an dròn a shealltainn dhan t-sluagh.
Tha iad an dòchas gun tèid a chleachdadh airson a' chiad turas sa Ghiblean.
'S iad meur an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse de dh'Urras Fiadh-bheatha na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba gus Caidreachas Uilleim Ghrannd a thug am maoineachadh dhaibh airson na h-uidheamachd.