Companaidh bìdh Ghàidhealach air a dhol fodha

Bradan Image copyright Getty Images
Image caption Chaidh Coast & Glen Earranta, a bha a' reic èisg agus sìthne do thaighean-bìdh agus taighean-òsta air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a stèidheachadh ann an 2011.

Tha a' chompanaidh Coast & Glen Earranta, a bha a' reic èisg agus bìdh eile às a' Ghàidhealtachd air a dhol ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach.

Chaidh a' chompanaidh, a bha a' reic èisg agus sìthne do thaighean-bìdh agus taighean-òsta air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a stèidheachadh ann an 2011.

Bha am biadh aca a' dol fad is farsaing, 's iad a' dèiligeadh le companaidhean eadar Arcaibh agus ceann a deas Shasainn.

'S ann bho iasgairean neo-eisimeileach a bha iad a' faighinn an stuth aca, agus ga ghiollachd anns an fhactaraidh aca ann an Alanais anns an robh naoinear ag obair.

Bha a' chompanaidh cuideachd air factaraidh ùr fhaighinn air a' Bhlàr Dhubh.

Chaidh a' chompanaidh a chur ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach gu saor-thoileach, 's iad a' coireachadh chosgaisean nas àirde agus farpais gu math cruaidh anns a' mhargaidh airson trioblaidean ionmhais adhbhrachadh.

Tha an naoinear luchd-obrach air na dreuchdan aca a chall agus thèid na goireasan agus an uidheamachd a bha aig a' chompanaidh a rèic.