Comhairle Mhoireibh 'misneachail' mu ghearraidhean a sheachnadh

Comhairle Mhoireibh
Image caption Tha an t-aonta mu bhuidseat Riaghaltas na h-Alba a' fàgail gu bheil a' bheàrn a dh'fheumas Comhairle Mhoireibh a lìonadh gu math nas lugha, dìreach £600,000 anns a' bhliadhna a tha romhainn, seach £5.2m.

Thuirt ceannard Chomhairle Mhoireibh, Graham Leadbitter, gu bheil e meadhanach misneachail gun tèid aca a-niste air cuid de na gearraidhean a bu mhotha a bha iad a' moladh airson seirbheisean ionadail a sheachnadh.

Tha seo ri linn an airgid a bharrachd a fhuair a' Chomhairle fon aonta a ràinig Riaghaltas na h-Alba ris na h-Uainich airson am buidseat fhaighinn troimhe.

Fhuair comhairlean cuideachd saorsa a bharrachd cìs na comhairle àrdachadh.

Dh'fhàg sin a' bheàrn a dh'fheumas Comhairle Mhoireibh a lìonadh gu math nas lugha, dìreach £600,000 anns a' bhliadhna a tha romhainn, seach £5.2m.

Thuirt a' Chomhairle gun tèid leabharlannan anns a' Bhroch, Baile nan Dubhach, Fachabar agus Inbhir Lòsaidh a shàbhaladh, agus tha dòchas ann cuideachd nach dùinear amaran-snàimh.