Còmraidhean a' leantainn mu sheirbheis adhair

Itealan Hebridean Air Service
Image caption Chaidh Hebridean Air Services a chur air chois ann an 1995 agus tha dà itealan aca.

Thuirt a' chompanaidh Hebridean Air Services, gu bheil iad a' cumail a' dol le còmhraidhean le Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid a thaobh seirbheis PSO Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa.

'S e Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a tha a' toirt seachad a' chùmhnant PSO, a tha luach £720,000 agus thig an cùmhnant a th' ann an-dràsta gu crìch air 15mh den Chèitean 2019.

Rinn a' chompanaidh a tha ruith na seirbheis an-dràsta, Hebridean Air Services, tagradh airson leantainn leis an t-seirbheis, ach tha iad ag ràdh gun deach innse dhaibh leis a' chomhairle, gun deach stad air a phròiseas air sailleamh 's gun robh na tagraidhean nas àirde na an t-airgead a bh' aig a' chomhairle airson a chosg air an t-seirbheis a ruith.

Rèite

Thuirt Hebridean Air Services gu bheil còmhraidhean a' leantainn leis a' chomhairle agus tha iad an dòchas gun tigear gu rèite 'son' s nach tèid briseadh anns an t-seirbheis.

A' bruidhinn nas traithe, thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach Earra Ghàidheal is Bhòid, Mìcheal Ruiseal, gu bheil e air "uabhasachadh" gum faodadh eileanan Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa an t-seirbheis adhair PSO aca chun an Òbain a chall airson co-dhiù sia seachdainean as t-samhradh ma 's e is nach fhaighear rèite.

"Ma tha trioblaidean ann a thaobh an ionmhais 'son na seirbheis, is cinnteach gun urrainn dhaibh atharrachadh a dhèanamh air cho tric 's a tha iad a' tadhal air gach eilean," thuirt Mgr Ruiseal.

A-rèir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cha d' fhuair iadsan tairgse fhreagarrach airson cùmhnant ùir, 's mar sin tha a h-uile coltas nach bi seirbheis ann às dèidh a' Chèitein, nuair a thig an cùmhnant PSO aig Hebridean Air Services Eta gu crìch.

Nas miosa

Aig an ìre seo 's e Hebridean Air Services Eta a tha a' ruith nan seirbheisean eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle agus 's iad an aon chompanaidh a tha a' toirt seachad seirbheis mar seo.

Thuirt Mgr Ruiseal gun do thachair an aon seòrsa rud an turas mu dheireadh a chaidh an cùmhnant a-mach gu tairgse 's gun robh na h-eileanaich troimhe chèile mu dheidhinn an uairsin.

"An turas seo, tha e nas miosa builleach, leis nach deach fiosrachadh sam bith a thoirt dhaibh 's bhiodh e uabhasach a bhith às aonais seirbheis fad sia seachdainean.

"Bhiodh seo a' toirt droch bhuaidh air beatha-làitheil mòran daoine, clann-sgoile aig àm nan deuchainean aca, daoine proifeiseanta a' feuchainn ris an obair aca a dhèanamh, agus euslaintich a' dol dhan ospadal air Tìr-Mòr, chan eil seo math gu leòr," thuirt e.

"Feumaidh a' Chomhairle dòigh fhaighinn timcheall air seo" thuirt Mgr Ruiseal.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad a' dèanamh an dìchill dòighean a lorg 'son freagairt fhaighinn air a' chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo